Rannsachadh Chuil Uaraich "gu math coileanta"

  • 13 An t-Iuchar 2017
Col Uarach Image copyright Donald Lawson/Geograph

Thuirt Poilis na h-Alba nach robh càil mì-iomchaidh a thaobh mar a làimhsich iad rannsachadh timcheall air ionmhas baile Chuil Uaraich ann an Leòdhas.

Dh'innis iad sa Mhàrt nach robh càil mì-laghail a thaobh airgead a' bhaile.

Ach, chaidh gearain a thogail nach do rinn iad an rannsachadh sin gu cothromach.

Tha a' chonnspaid mun bhaile a' dol air ais còrr air bliadhna nuair a chaidh comataidh a' bhaile a chur às an dreuchdan, agus casaidean ag èirigh mu mar a bha iad a làimhseachadh an airgid.

Chaidh constabal an uair sin a chur ann an àite na comataidh baile le Coimisean na Croitearachd.

B' esan Cailean Souter, a bha uaireigin na àrd-inspeactair air na Poilis.

Às dèidh dha an obair aige a chrìochnachadh, thog e gearain leis na Poilis mu £10,000 a bha e fhèin ag ràdh a bha a dhìth, agus a bha a' dol air ais grunn bhliadhnaichean.

Anns a' Mhàrt thuirt na Poilis nach robh càil mì-laghail mu dheidhinn sin.

Ach thog Mgr Souter casaidean an aghaidh nam Poileas nach do rinn iad an rannsachadh a bha sin gu cothromach.

Rinn àrd-inspeactair ann am Poilis na h-Alba an uair sin lèirmheas air a' chùis, agus cho-dhùin e nach robh càil ceàrr, agus gun robh toraidhean a' chiad rannsachaidh fhathast a' seasamh.

Thuirt neach-labhairt bho Phoilis na h-Alba an t-seachdain seo gun robh an lèirmheas gu math coileanta agus gu bheil iad glè thoilichte le cùisean.

Thuirt Mgr Souter gun robh e fhathast a' bruidhinn ris na Poilis mu dheidhinn.