Mèirle air bùth an Inbhir Nis

  • 12 An t-Iuchar 2017
Seacaid Phoilis

Tha na Poilis ann an Inbhir Nis a' sireadh fireannaich a rinn creachadh air bùth phàipearan agus fo-oifis puist, a' goid "suim mhòir airgid".

Thachair a' mhèirle aig Bùth a' Chrùin air Rathad Muileann an Rìgh mu 10:00f Dimàirt.

Thuirt na Poilis nach deach armachd sam bith a chleachdadh sa mhèirle, agus nach deach boireannach a bha ag obair sa bhùthaidh aig an àm a ghoirteachadh sam bith.

Thuirt an Det. Àrd-Inspeactair Mìcheal Mac an t-Sutharlannaich, gu bheil rannsachadh farsainn a' dol air adhart, agus gum bi na Poilis gu math follaiseach ann an sgìre a' Chrùin gus am poball a riarachadh.

Tha na Poilis ag iarraidh cluinntinn bho duine sam bith a chunnaic dad neo-àbhaisteach, no duine ri dol-a-mach amharasach san sgìre oidhche Mhàirt.

Thuirt iad gur e duine eadar 5'8" agus 5'10" de dh'àirde a tha iad a' sireadh, aig an robh 's dòcha baga sgudail dubh na làimh.