Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Atmhorachd

Tha figearan ùra oifigeil a' dearbhadh gu bheil tuarastail a' sìor thuiteam air dheireadh air an atmhorachd. Air na trì mìosan dhan Chèitean dh'fhàs ìre phàighidh anns an fharsainneachd aig 1.8%, ach bha an atmhorachd aig 2.9%. Thuit cion cosnaidh air feadh na Rìoghachd Aonaichte mu 64,000 gu 1.49 millean anns na trì mìosan dhan Chèitean. Thuit an àireamh an Alba gu 19,000.

Còirichean Peinnsein

Thàinig riaghladh bhon Phrìomh Chùirt a-mach air taobh duine gèidh a tha ag iarraidh na h-aon chòirichean peinnsein dha a chàraid agus a bhiodh aig cupal de dhiofar ghnè. Bheir an riaghladh buaidh mhòr air còirichean peinnsein milltean dhaoine a th' ann am pòsadh aon-ghnèitheach, no ann an càirdeas catharra, nuair a thig bàs càraid no co-chèile.

Tùr Ghrenfell

Bidh deasbad ann an taigh nan cumantan feagar air an rannsachadh mu theine Tùr Ghrenfell. Chaidh co-chomhairle air dleastanas an rannsachaidh a leudachadh airson dà sheachdain eile. Chaidh ceannard ùr Tòraidheach Comhairle Khensington agus Chelsea, Ealasaid Chaimbeul, às àicheadh nach robh guth aig sluagh beartach na sgìre sin air suidheachadh nan daoine a bha a' fuireach anns an togalach.

Dòmhnall Trump Òg

Chuir Dòmhnall Trump Òg dìon air a dhol a-mach aig àm Taghaidh a' Chinn-Suidhe nuair a choinnich e ri tè-lagha a thuirt gun robh an Ruis deònach fiosrachadh a thoirt dha a bheireadh cuideachadh do dh'iomairt athar. Thuirt e nach do dh'innis e dha athair mun choinneimh oir nach robh brìgh sam bith anns an fhiosrachadh sin agus nach robh dad ann ri innse.

Mosul

Thuirt àrd-oifigear armachd Bhreatainn anns a' cho-bhanntachd a tha a' sabaid an aghaidh na Staite Ioslamaich gu bheil e gu tur ceàrr do dh'Amnesty Eadar-Nàiseanta a bhith ag ràdh gun deach eucoir cogaidh a dhèanamh ann am baile Mosul ann an Iorac. Tha aithisg bho Amnesty a' cumail a-mach nach do rinn feachdan Ioracach no eadar-nàiseanta gu leòr airson dìon a chur air sìobhaltaich anns a' bhlàr airson smachd air Mosul. Thuirt an Seanalair Rupert Jones nach eil sin fìor.

Tuathanaich

Tha leas-cheann-suidhe Aonadh nan Tuathanach an Alba ag ràdh gum bi an gnìomhachas ann an èiginn mura faigh tuathanaich agus croitearan luach an cuid obrach, agus mura bi siostam subsadaidh ann an dèidh Bhrexit. Tha Màrtainn Ceannadach ag ràdh gu bheil teachd a-steach air tuiteam cho mòr agus gun tig air mòran cùl a chur ris an obair mura h-èirich prìsean. Agus tha e a' cumail a-mach nach bi an Rìoghachd Aonaichte an uair sin comasach air biadh a chumail ris an t-sluagh agus gum feum i biadh nach bi faisg cho math a cheannach à dùthchannan eile.

Dàrna Bàt'-aiseig

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' gealltainn strì airson bàt'-aiseig eile air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul. Thuirt Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, a bh' ann an Steòrnabhagh an-dè, gu bheil fhios aige nach eil an Loch Seaforth comasach air dèiligeadh ris an iarrtas a th' ann aig amannan, ach nach eil dòigh ann an-dràsta air bàt'-aiseig eile njo bàta-bathair a lorg airson na seirbheis.