Leanaidh iomairt an dàrna bàt'-aiseig

  • 12 An t-Iuchar 2017
MV Loch Seaforth

Leanaidh Comhairle nan Eilean Siar orra ag obrachadh le Riaghaltas na h-Alba airson fuasgladh fhaighinn air duiligheadasan na seirbheis aiseig eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

Dh'fhoillsich Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, agus e a' tadhal air Steòrnabhagh Dimàirt nach tèid dà bhàt'-aiseig a chur air an t-slighe, leis nach eil soitheach freagarrach ri fhaotainn.

"Bha sinne gu math soilleir gun robh feum mòr ann," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Bha luchd na turasachd gu math soilleir gum feumadh dà bhàta a bhith a' dèanamh an slighe air ais 's air adhart eadar Ulapul agus Steòrnabhagh.

"Tha trioblaid shònraichte ann, agus tha mi a' smaoineachadh gum faodadh sin a bhith air a sheachnadh nam b' e 's gum biodh iad air dà bhàta a chur an sàs ann bho thoiseach-tòiseachaidh mar a bhathas ag iarraidh.

"Tha an Riaghaltas a-nis ann an suidheachadh far a bheil iad a' lorg bàta eile, ach chan eil bàta ri fhaotainn ann am beagan làithean no mìosan. Bheir e greis mus fhaigh iad air sin a dhèanamh.

"Ach tha iad dha-rìribh ag obair còmhla rinn airson fuasgladh fhaighinn air an duilgheadas a tha sin.

"Nì sinne ar dìcheall ann a bhith a' putadh an Riaghaltais, agus tha iad fhèin bàidheil a thaobh sin.

"Tha iad mothachail gu bheil duilgheadas ann, agus gur e an aon fhuasgladh a th' air a-nis, dà bhàta a chur air an t-slighe eadar Ulapul is Steòrnabhagh," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo