Ionnsaigh air boireannach an Inbhir Nis

  • 14 An t-Iuchar 2017

Tha boireannach air droch lotan mun aodann fhulaing às dèidh ionnsaigh ann an Inbhir Nis.

Thugadh ionnsaigh air a' bhoireannach, a tha 22 bliadhna a dh'aois, san sgìre timcheall air Sràid nan Granndach is Làinig Simpson tràth madainn Diciadain.

Tha Poileas Alba ag ràdh gun deach a leòn mu a h-aodann anns an ionnsaigh a thachair eadar 3:45m. agus 4:15m.

Thuirt an Detective Inspector Peadar MacCoinnich: "Tha sinn a' sireadh fhiosrachaidh às dèidh mar a chaidh droch ionnsaigh a thoirt air boireannach a dh'fhulaing lotan mu a h-aodann.

"Tha sinn gu sònraichte airson cluinntinn bho dhuine sam bith a bha air Sràid nan Granndach neo Làinig Simpson ann an Inbhir nis eadar 3:45m. agus 4:15m air an 12mh den Iuchar agus a chunnaic neo a chuala aimhreit san sgìre.