Dragh mu obraichean Ghleann Shannda

  • 14 An t-Iuchar 2017
Gleann Shannda
Image caption Tha an GMB ann an Alba ag ràdh gu bheil a h-uile coltas ann gun caill còrr is 50% den luchd obrach a bha aig Hargreves an cuid chosnaidhean.

Dh'fhaodadh gun caill còrr is an dàrna leth de luchd-obrach chuaraidh Ghleann Shannda an cuid dhreuchdan.

Tha an t-aonadh an GMB ag ràdh gu bheil a' chompanaidh, a fhuair an cùmhnant airson cladhach agus bathar a tharraing aig a' chuaraidh, an dùil 25 obraichean a ghearradh.

Tha Aggregate Industries, leis a bheil an cuaraidh anns a' Mhorbhairne, air an cùmhnant a b' àbhaist a bhith aig a' chompanaidh Hargreves airson a bhith a' cladhach agus a' tarraing cloiche a thoirt do dh'Oban Earth Works, a bhoinneas don chompanaidh Spàinnteach FERPI.

Tha an GMB ann an Alba ag ràdh gu bheil a h-uile coltas ann gun caill còrr is 50% den luchd obrach a bha aig Hargreves - cuid dhiubh a th'air a bhith còrr is 30 bliadhna aig a' chuaraidh - an cuid chosnaidhean.

Atharrachaidhean mòra

Tha an t-aonadh cuideachd a' toirt rabhaidh gum faod dùil a bhith aig an fheadhainn a tha air fhàgail ri atharrachaidhean mòra ann am modhan obrach agus ìsleachadh pàighidh.

Thuirt Gary Cook bhon GMB gur ma dh'fhaoidte gu feum iad a dhol gu lagh airson còraichean luchd-obrach a dhìon.

Thuirt neach-labhairt bho Aggregate Industries gun robh iad a' tuigsin gur e am doirbh a bha seo dhan luchd obrach, agus gun robh iad a' bruidhinn ris a' chompanaidh Spàinnteach airson dèanamh cinnteach gun tèid a h-uile cuideachadh a thabhann dhaibh.