'Mearachd mhapaichean' le luchd-coiseachd

  • 13 An t-Iuchar 2017
Ball de Sgioba Teasairginn Dùn Dòmhnall Image copyright Dundonnell MRT
Image caption Chaidh brath a chur air seirbheisean èiginn Diluain nuair nach do thìll an dithis bhon chuairt aca air An Teallach air taobh siar Rois.

Rinn dithis luchd-coiseachd mearachdan a' leughadh a' mhap agus a dh'fhàg luchd-teasairginn gan sireadh san sgìre cheàrr.

Chaidh brath a chur air na seirbheisean èiginn Diluain nuair nach do thìll an dithis bhon chuairt aca air An Teallach air taobh siar Rois.

Rinn Sgioba Teasairginn Dùn Dòmhnaill agus Maoir-chladaich Steònabhaigh sgrùdadh air a' bheinn tràth madainn Dimàirt.

Ach nochd an luchd-coiseachd slàn sàbhailte ann an sgìre Loch a' Bhraoin nas fhaide air an là.

Thuirt fear-labhairt bhon sgioba teasairginn gun robh an t-àite far an robh iad "astar mòr" air falbh bho An Teallach.

Agus thuirt iad gur e an t-adhbhar son sin gur e "amharras gun deach am map a' leughadh gu ceàrr".

Thòisich 10 buill den sgioba teasairginn ag ullachadh son na iomairt aig 2:00m Dimàirt agus rinn iad rannsachadh air dromannan agus ann an coireachan.

Chuir heileacoptair nam maor-cladaich camara fo-dhearg an sàs 'son sùil a thoirt air a' bheinn.

Chaidh an luchd-coiseachd a lorg faisg air Loch a' Bhraoin mu 07:00m.