Beachd theaghlaich air rannsachadh droch fhala
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Beachd theaghlaich air rannsachadh droch fhala

13 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha teaghlach a chaill athair san sgainneal fala anns na 70an agus na 80an an dòchas gun tèid na ceistean aca a fhreagairt 's rannsachadh ga chur air chois.

Chaill Suzie Roberts a h-athair nuair a bha i na deugaire - 's e haemophiliac a bha ann.

Ach chaidh droch fhuil a thoirt dha, thàinig HIV air ri linn agus chaill e a bheatha air a' cheann thall.

Chaidh iarraidh air an teaghlach gun guth a ràdh mun chùis o chionn 's gun d' fhuair iad airgead-dìolaidh.

Tha Suzie air a bhith a' bruidhinn ri Eileen NicDhòmhnaill.