Amas 'son millean neach-labhairt na Cuimris
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Amas air millean neach-labhairt na Cuimris

12 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Seanadh na Cuimrigh air targaid mhòr a chur rompa fhèin, 's iad ag iarraidh gun dùblaich àireamh luchd-labhairt na Cuimris gu millean neach ro 2050.

Airson sin a dhèanamh thèid barrachd chroileagain a stèidheachadh agus thèid tuilleadh thidsearan le Cuimris fhastadh.

Agus tha seo a' toirt misneachd do luchd-leasachaidh na Gàidhlig.