Rabhadh gum feum tuathanaich obair a leigeil seachad

  • 12 An t-Iuchar 2017
Tuathanas Image copyright Getty Images
Image caption Thàinig rabhadh bho Aonadh nan Tuathanach gum feum mòran thuathanach is chroitearan an obair a leigeil seachad mura bi subsadaidhean ceart ann às dèidh Bhrexit.

Thàinig rabhadh bho Aonadh nan Tuathanach (NFU) an Alba gu bheil obair àiteachais ann an staing, agus gum fàs cùisean nas miosa mura faigh tuathanaich agus croitearan tòrr a bharrachd airson na tha iad a' fàs agus ag àrach.

A' sgrìobhadh air an làraich-lìn phearsanta aige tha iar-cheann-suidhe an aonaidh, Màrtainn Ceannadach, ag ràdh nach eil sluagh na dùthcha a' cur luach anns a' bhiadh a tha iad ag ithe.

Air an aon làimh tha Mgr Ceannadach a' cantail gum feum prìs a' bhìdh a dhol suas no gum feum an Riaghaltas taic-airgid a chumail ris a' ghnìomhachas gus am mair e anns na bliadhanaichean a tha romhainn.

Rabhadh

Mura tachair fear seach fear aca, tha Mgr Ceannadach a' toirt rabhaidh seachad nach bi biadh gu leòr ann airson sluagh na dùthcha.

Ma thachras sin, tha cunnart ann gum bi an Rìoghachd Aonaichte an eisimeil bìdh nach eil aig ìre.

Air an làimh eile ge-tà, tha e den bheachd gu bheil an gnìomhachas ann an Alba a' coimhead glè mhath, ma dh'èisteas an Riaghaltas agus an fheadhainn a tha ann an cumhachd ri tuathanaich agus croitearan.

Mura h-èist, tha e den bheachd nach bi miann aig tuathanaich agus croitearan cumail orra ag àrach stuic agus biadh fhàs a chionn 's nach fhaigh iad luach an airgid às.

'S e an gearain a th' aig tuathanaich, gu bheil an cuid chosgaisean air a dhol am meud gu mòr, ach nach eil iad a' faighinn teachd-a-steach dha rèir bho phrìsean na tha iad a' fàs 's ag àrach.

"Nuair a choimheadas tu air na figearan, cha do dh'èirich prìs a' bhìdhe dha-rìribh ann an còrr air 40 bliadhna," thuirt Riochdaire an NFU air a' Ghàidhealtachd, Raibeart Dòmhnallach.

"Tha na subsadaidhean air a dhol suas, ach chan eil prìs a' bhìdhe air a dhol suas a rèir mar a chaidh gnothaichean eile.

"O chionn 40 bliadhna cheannaicheadh tu tractar le 30 tunna eòrna.

"'Son an aon tractair an-diugh chosgadh e 600 tunna eòrna," thuirt e.