"Iarrtas mòr" air taighean an Slèite

  • 11 An t-Iuchar 2017
Taigh ga thogail

Tha dearbhadh ann air iarrtas mòr 'son taigheadais ann an Slèite, a rèir Shabhail Mòr Ostaig.

Bidh dà thaigh - le trì seòmraichean cadail anns gach fear - rim faotainn air làrach an t-Sabhail deireadh an t-Samhraidh.

Bha naoi iarrtas ann 'son an dà dhachaigh sin.

"Bha sinn a' faireachdainn mar cholaiste agus mar àite-obrach gun robh e gu math doirbh àite-fuirich fhaighinn anns an sgìre," thuirt Stiùiriche Corporra na Colaiste, Nicola NicThòmais.

"Mar sin tha sinn a' cur romhainn an-dràsta gum bi dà thaigh deiseil am meadhan a Lùnastail, agus 's dòcha gum bi cothroman eile air taigheadas a chur air dòigh dìreach a rèir an iarrtais.

"Cha robh beachd sam bith againn air dè seòrsa ùidh a bhiodh ann, ach thàinig naoi iarrtasan a-steach.

"Chan eil sinne mar cholaiste an sàs anns na h-iarrtasan fhèin. 'S e an t-urras taigheadais a bhios a' dèanamh co-dhùnaidh.

"Ach tha sinne air poileasaidh aontachadh a thaobh dè na prìomhachasan a bha sinne a' faicinn a bhiodh cudromach anns an leasachadh seo.

"Ach thàinig naoi iarrtasan mu choinneimh dà thaigh, so tha sinne gu math toilichte.

"Tha e a' sealltainn gu bheil iarrtas mòr mòr ann 's gum bi cothrom againn barrachd a dhèanamh anns an ùine a tha romhainn.

"Tha sinn an dòchas cluinntinn ro dheireadh na seachdain cò a bha soirbheachail leis a' chiad dà iarrtas, agus tha sinn an dùil gum bi iad a' gluasad a-steach dha na taighean ro dheireadh an Lùnastail," thuirt i.