Airgead-dìolaidh 'son mairt mhairbh

  • 11 An t-Iuchar 2017

Thug Network Rail airgead-dìolaidh do dhithis chroitearan leis an deach mart a mharbhadh air an rèile faisg air a' Phloc anns an Iuchar an-uiridh.

Bha na croitearan Donnchadh 's Iain MacIllIinnein a' cumail a-mach gur e Network Rail a bu choireach leis nach robh iad a' càradh feansaichean ri taobh na loidhne.

Dh'aontaich Network Rail suim airgid a de £2,450 a thoirt dha na croitearan mu choinneimh luach a' bheathaich.