Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Còirichean Obrach

Thàinig ath-sgrùdadh farsainn dhan cho-dhùnadh gum feum companaidhean tuilleadh dìon agus chòirichean obrach a thoirt do dhaoine aig nach eil cùmhnant làn-ùine. Agus tha an aithisg, a dh'iarr Theresa May, ag ràdh gum feum companaidhean àrachas nàiseanta a phàigheadh dhaibh. Tha an TUC (Còmhdhail nan Aonaidhean Ciùird) ag ràdh nach eil molaidhean na h-aithisg a' dol fada gu leòr. Canaidh Theresa May an-diugh aig foillseachadh na h-aithisg sin gu bheil i fhathast a' cur roimhpe dùthaich nas cothromaiche a dhèanamh de Bhreatainn, a dh'aindeoin a mòr-chuid a chall ann an Taigh nan Cumantan, agus fathannan ann mu a dreuchd fhèin. Seo a' chiad òraid mhòr aice bho bha an Taghadh Coitcheann ann.

Prìosain

Tha Riaghaltas na h-Alba am beachd gluasad bho chosg airgid air prìosain gu ruige dòighean air eucoir a sheachnadh anns a' chiad àite. Dh'fhoillsich Rùnaire a' Cheartais, Mìcheal MacMhathain, am plana aig toiseach na h-obrach an-diugh a' leagail phrìosan nam ban aig Corntonvale ann an Sruighlea. Thèid dà ionad ùr anns a' choimhearsnachd a thogail anns an tèid boireannaich a chumail an grèim ann an Glaschu agus ann am Fìobha no Dùn Dè, le amas air taic dha na boireannaich agus an cumail nas fhaisge air na teaghlaichean.

Trump

Tha tuilleadh chasaidean an aghaidh Dhòmhnaill Trump Òg, mac a' Chinn-Suidhe. Tha an New York Times ag ràdh gum b' aithne dha ro làimh gun robh pàirt aig boireannach anns an Ruis a bha a' tabhann fiosrachaidh air ann an oidhirp Riaghaltas na Ruis air iomairt taghaidh athar a chuideachadh.

Agus 's e tuigse a' BhBC gun tig an Ceann-Suidhe Trump air turas a Bhreatainn uaireigin an ath-bhliadhna. Chaidh turas a' Chinn-Suidhe ris an robh dùil am-bliadhna a chur dheth le coltas gum biodh togail fianais ann na aghaidh.

A' Chuimris

Tha Riaghaltas na Cuimrigh a' foillseachadh plana an-diugh airson àireamh luchd-labhairt na Cuimris a dhublachadh gu millean ro 2050. Tha iad ag amas air leudachadh sna sgoiltean-àraich a tha a' cleachdadh na cànain, agus air foghlam tro mheadhan na Cuimris sna bun-sgoiltean agus anns na h-àrd-sgoiltean.

Airgead-Dìolaidh

Thug Network Rail airgead-dìolaidh do dhithis chroitearan leis an deach mart a mharbhadh air an rèile faisg air a' Phloc anns an Iuchar an-uiridh. Bha na croitearan Donnchadh 's Iain MacIllIinnein a' cumail a-mach gur e Network Rail a bu choireach leis nach robh iad a' càradh feansaichean ri taobh na loidhne. Dh'aontaich Network Rail suim airgid a de £2,450 a thoirt dha na croitearan mu choinneimh luach a' bheathaich.