Cill Chaluim Chille

  • 11 An t-Iuchar 2017
Calum Cille

Tha arc-eòlaichean air innse gun do lorg iad, le cinnt, làrach cille Chaluim Chille ann an Eilean Ì.

Chleachd iad tomhais tìm rèidio-chàrboin gus dearbhadh gur ann bho mheadhan na h-ùine a bha Calum Cille ann an Ì - mu 1,500 bliadhna air ais - a bha bloighean fiodha loisgte a lorg iad air an làraich.

Chaidh na bh' air fhàgail de bhothan fiodha, a bh' air a losgadh, a chladhach ann an 1957, ach cha deach cho sean 's a bha na bloighean fiodha a thàinig às a dhearbhadh gu an-diugh.

'S ann sa chill a bhiodh Calum Cille ag obair, ag ùrnaigh, agus 's ann ann a chuir e seachad an là mu dheireadh de a bheatha.

Ràinig Calum Cille Eilean Ì anns a' bhliadhna 563AD, a' stèidheachadh abaid san eilean às an do sgap an creideamh Crìosdail a-mach tro Alba.

Ceud bliadhna às dèidh bàs Chaluim Chille, sgrìobh Adhamhnán, aba Eilein Ì, gum biodh Calum Cille ag obair sa chill aige air cnoc creagach. Canar Tòrr an Aba ris a' chnoc sin an-diugh.

O chionn 60 bliadhna rinn sgioba fo stiùir an fhir-eachdraidh agus arc-eòlaiche Chòrnaich, Charles Thomas, cladhach air an làraich.

Lorg an sgioba fiodh-ghuail calltainn, le coltas ann gur e na bh' air fhàgail de bhothan chliathrach.

Bha an làrach air a còmhdachadh a dh'aona-ghnothaich ann an clachan far a' chladaich, le toll sa mheadhan far a bheileas an dùil gun deach crois a chur an-àirde.

Image caption 'S e làrach taisteil chudromach a th' ann an Eilean Ì an-diugh, leis na deichean mhìltean dhaoine a' tadhal gus an Abaid (a chaidh ath-thogail san 20mh Linn) fhaicinn.

Bha Charles Thomas den bheachd gur e làrach cille Chaluim Chille a bha e air a lorg.

Ann an 1957 ge-tà, cha ghabhadh sin dearbhadh gu cinnteach.

Ach an-diugh le teicneòlas rèidio-chàrboin earbsach, tha leithid de chinnt comasach.

Chuir Charles Thomas na lorg e ann an Eilean Ì an dàrna taobh gus an gabhadh obrachadh orra, 's iad air an stòradh ann an oilthighean, agus mu dheireadh ann an garaids sa Chòrn.

O chionn còig bliadhna thug e seachad na bloighean don Dr Eoghan Caimbeul agus an Dr Adrián Maldonado aig Oilthigh Ghlaschu, agus e ro dheònach leigeil leotha teicneòlas gu math nas adhartaiche na bha ri fhaotainn o chionn 60 bliadhna a chur an sàs orra gus an aois a dhearbhadh.

Rinneadh deuchainn orra aig Ionad Rannsachaidh Àrainneachail nan Oilthighean Albannach, leis an obair air a maoineachadh le Àrainneachd Eachdraidheil Alba, le taic bho Urras Nàiseanta na h-Alba.

Beantainn

Fhuair iad gun robh an calltainn air a losgadh eadar 540AD agus 650AD. Bhàsaich Calum Cille ann an 597AD.

"Tha seo cho faisg 's a gheibh thu air cinnt gur e rud a bha seo a bha na sheasamh nuair a bha Calum Cille ann an Eilean Ì," thuirt an Dr Adrián Maldonado.

Tha Àrd-Arc-Eòlaiche Àrainneachd Eachdraidheil Alba, Richard Strachan, air a dhòigh mu dheidhinn.

"Tha seo dìreach mìorbhailleach, tha e cinnteach. Chan eil teagamh ann. Faodaidh sinn seo a dhearbhadh le saidheans. 'S e rud dha-rìribh a tha seo. Thachair e an seo."

Thuirt an Dr Caimbeul gur ann uair ainneamh a ghabhas ceangal cinnteach dèanamh eadar bloighean àrc-eòlais agus duine a bha beò ann an eachdaidh.

"Tha seo uabhasach cudromach, seach gur e Calum Cille a bha seo, a bha cho cudromach mar fhear spioradail agus a stèidhich an sreath mhanachainnean a bha seo, a leasaich agus a sgaoil am foghlam a bha sin a sgap tron Roinn Eòrpa.

"'S e rud iongantach a th' ann a bhith a' beantainn do chuid de na rudan a bha leis."

Tha cuid den sgioba a bha ag obair còmhla ri Charles Thomas ann an 1957 fhathast beò.

Bha iadsan cho cinnteach 's a ghabhadh a bhith gur e cill Chaluim Chille a bha iad air lorg, ach tha iad a-niste air sin fhaicinn air a dhearbhadh le saidheans.

Gu mì-fhortannach, bhàsaich Charles Thomas fhèin an-uiridh, ro thràth airson an naidheachd fhaighinn.