Amas air 1,000,000 neach-labhairt Cuimris

  • 11 An t-Iuchar 2017
A' Chuimris

Thèid planaichean foillseachadh Dimàirt airson an àireamh de luchd-labhairt na Cuimris a dhublachadh.

Tha Riaghaltas na Cuimrigh ag iarraidh gum bi millean duine a' cleachdadh a' chànain ron bhliadhna 2050 bho 10%, gu 20% den t-sluagh.

A rèir a' chunntais shluaigh mu dheireadh ann an 2011, tha an àireamh de luchd-labhairt na Cuimris air a bhith a' tuiteam, gu 562,000.

Am measg nam planaichean a th' aig Riaghaltas na Cuimrigh airson stad a chur air a' chrìonadh sin, tha iad ag amas air foghlam tràth-bhliadhnaichean sa Chuimris a leudachadh, agus clann a bhrosnachadh gus cumail orra ann am foghlam tro mheadhan na Cuimris.

Tha gealltanas ann cuideachd gun tèid an àireamh de thidsearan gach cuid aig ìre na bun-sgoile agus na h-àrd-sgoile aig a bheil Cuimris a leudachadh.

Ach, thathas mothachail nach àrdaicheadh sin leis fhèin àireamh na cloinne ann an sgoiltean tro mheadhan na Cuimris.

Tha an ro-innleachd cuideachd ag ràdh gum feum cothroman a bhith ann Cuimris ionnsachadh agus a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile.