An traon a' crìonadh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Coltas g'eil àireamh nan traon a' crìonadh

10 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha coltas ann gu bheil àireamh nan traon san dùthaich air tuiteam airson an treas bliadhna sreath a chèile.

Tha sin a dh'aidhneon oidhirpean na h-àireamhan a chumail aig ìre, leithid croitearan a bhith a' cumail ri amanan buain sònraichte airson cothrom a thoirt dha na h-eoin àl a thogail.

Bidh Comunn Rìoghail Dìon nan Eun gan cunntadh gach bliadhna thairis air dà mhìos.

Chaidh Shona NicDhòmhnaill againne a-mach còmhla riudha ann an Uibhist.