Cha bhi dàrna aiseag eadar Steòrnabhagh is Ulapul

  • 11 An t-Iuchar 2017
Bàt'-aiseig Image copyright CMAL
Image caption Chuir Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, taic an t-seachdain seo chàidh ri iarrtas airson dàrna bàta, le cho trang 's a tha na h-aiseagan.

Cha tèid dàrna bàta-aiseig a chur air an t-slighe eadar Steòrnabhagh 's Ulapul.

Thàinig an naidheachd bho Mhinistear na Còmhdhail 's nan Eilean, Humza Yousaf a th' air a bhith a' coinneachadh ri riochdairean Comhairle ann an Stèòrnabhagh.

Thuirt Mgr. Yousaf gu bheil an Riaghaltas ag aithneachadh an fheum a th' air dàrna aiseig, ach nach eil e air a bhith comasach soitheach freagarrach a lorg.

Chuir ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, taic an t-seachdain seo chàidh ri iarrtas airson dàrna bàta, le cho trang 's a tha na h-aiseagan.