Bàs neo-mhìnichte air taobh siar Rois

  • 11 An t-Iuchar 2017

Thathas a' dèiligeadh ri bàs boireanaich air taobh siar Rois aig an deireadh-sheachdain mar chùis neo-mhìnichte.

Thuirt Poilis na h-Alba gun deach fios a chur orra aig 10:30m Disathairne gun robh boireanach ann an sloc domhain faisg air Ulapul.

Chaidh am boireanach, a bha 78, a thogail a-mach às an t-sloc ann an Coille a' Bhràigh Mhòir le Sgioba Teasargainn Beinne Dhùn Dòmhnaill.

Thuirt na Poilis nach eil càil amharasch mun chùis.

Thèid aithisg gu Neach-Casaid a' Chrùin.