Sgeama thaighean saora ga stèidheachadh an Leòdhas.

  • 11 An t-Iuchar 2017
Fosgladh oifigeil sgeama thaigheadais
Image caption Tha an obair air Slighe MhicChoinnich ann an Sanndabhaig, a' dol a thogail 81 taigh ùr.

Tha Ministear Taigheadais Riaghaltas na h-Alba, Caomhain Stiùbhart ann an Leòdhas, airson sgeama thaighean saora a stèidheachadh.

Tha an obair air Slighe MhicChoinnich ann an Sanndabhaig, a' dol a thogail 81 taigh ùr.

Bidh 131 taigh san leasachadh uile gu lèir.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur £9.4m an sàs ann.

Toiseach-tòiseachaidh

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, thuirt Tormod MacLeòid, a tha na bhall de bhòrd-stiùiridh Taighean Innse Gall gu bheil iarrtas mòr ann 'son nan taighean seo.

"Tha sinn taingeil 'son a' chuideachaidh a tha sinn a' faighinn bhon Riaghaltas.

"Agus nuair a chì sinn am Ministear Diluain, bidh sinn a' putadh air a-rithist... a' faicinn cho math 's a tha an sgeama air a dhèanamh an seo.

"Agus cho fad' 's is aithne dhuinn, 's e toiseach-tòiseachaidh a tha seo - tha sinn ag iarraidh tuilleadh dhachaighean ùra a thogail.

"Agus tuilleadh ionmhais airson nan dachaighean a th' againn 'son gun tog sinn an-àirde iad gu 'housing quality standard'.

"Airson 's gum bi dachaighean aig daoine a bhios aca gu bràth agus dachaighean anns am bi iad toliochte a bhith ann."