Deuchainnean air an HMS Queen Elizabeth

  • 10 An t-Iuchar 2017
HMS Queen Elizabeth Image copyright PETER JOLLY NORTHPIX
Image caption An HMS Queen Elizabeth a' ruighinn Linne Chromba

Thèid sgrudadh a dhèanamh air an t-soitheach itealain ùr, an HMS Queen Elizabeth, às dèidh do stuth a bhith air a ghlacadh timcheall tè de na propealaran aice.

Bha an soitheach, a chosg na billeanan notaichean, aig cala ann an Inbhir Ghòrdain aig an deireadh sheachdainn 's i a' dol tro dheuchainnean mara.

Thuirt Caidreachas nan Soitheachan Itealain, a tha an urra rithe an-dràsta - gu robh a' dol gu math dhith ach gun deach stuth a ghlacadh sa phropealar.

Dhearbh iad 's gun deach an stuth a ghlanadh a-mach às an uidheamachd agus gu bheil sgrùdadh air tòiseachadh.