Bàs 'neo-mhìnichte' am Bucaidh

  • 10 An t-Iuchar 2017

Tha polais ag radh gu bheil iad a' dèiligeadh ri bàs boireanaich ann am Bucaidh, mar chùis neo-mhìnichte.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn gu Sràid Land timcheall air 7:30f. a-raoir.

Thugadh boireanach a bha 63 dhan ospadal, ach chaochail i.

Tha na polais fhathast an làthair 's rannsachadh a' leantainn.