Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Charlie Gard

Tha cùis Charlie Gard, an leanabh tinn, a' tilleadh dhan Àrd Chùirt an-diugh. Tha Ospadal Great Ormond Street ag iarraidh air britheamhean sùil as ùr a thoirt air fianais mu leigheas ann an dùthchannan eile, a dh'fhaodadh feum a dhèanamh dha, agus a tha a phàrantan ag iarraidh. Tha na cùirtean air riaghladh ron a seo nach eil dad ann a ghabhas dèanamh dhan leanabh, a tha 11mìos a dh'aois, agus gum bu chòir an t-inneal a tha ga chumail beò a thionndadh dheth.

Stoidhle Riaghlaidh

Tha am Prìomh Mhinistear am beachd a stoidhle riaghlaidh atharrachadh agus i ag iarraidh taic nam pàrtaidhean eile do na polasaidhean aice. Canaidh Theresa May, an dèidh do na Toraidhean am mòr-chuid a chall aig an taghadh choitcheann, gur e firinn na cùise gu feum i slighe eile a ghabhail. Tha na Làbaraich ag radh nach eil dad de dh'fhios aig Theresa May de bu chòir dhith a dhèanamh. Thàinig dearbhadh bhon Riaghaltas an-diugh cuideachd nach bi iad a'dol air adhart le àrdachadh ann an cìs an arachais nàiseanta do dhaoine a tha os cionn an cosnaidh fhèin, an dèidh do bhuill phàrlamaid a dhol nan aghaidh.

Cùis mhuirt

Chaill fear às Alba, a tha fo amharras mu mhurt anns na Stàitean Aonaichte, cùis lagh fad 14 bliadhna 's e a' cur an aghaidh ordugh 'son a chuir a dh'America. Tha Phillip Harkins, a bhoineas do Ghrianaig, fo chasaid co-cheangaile ri oidhirp air meirle ann an Florida ann an 1999, anns an deach duine a mharbhadh. Tha Harkins, a tha 38, a'dol as aicheadh agus thill e a dh'Alba ann an 2002 an dèidh a shaoradh air urras. Thàinig an riaghladh an-diugh bho Chùirt Chòirichean Daona na h-Eòrpa.

Bàs am Moirebh

Tha polais a' rannsachadh bàs boireannaich ann an Moireibh a-raoir. Chaidh na seirbiesean èiginn iarraidh gu Land Street ann an sgìre Bhuckpool faisg air Bocaidh aig leth air an deidh seachd a-raoir. Chaidh boireannach, a bha 63, a thoirt dha'n ospadal ach chaochail i an sin.

Taighean Ùra

Tha Ministear Taigheadais na h-Alba, Caoimhinn Stiùbhart, ann an Leòdhas an-diugh a' fosgladh dhachannan ùra. Seo an treas earran den sgeama 'son taighean aig prìs reusanta aig Lanaig MhicCoinnich ann an sgìre Shanndabhaig faisg air Steòrnabhagh.