Earrann den NC500 gu bhith dùinte

  • 10 An t-Iuchar 2017
Dùn Rath
Image caption Bidh seo a' tachairt airson stuth niùclasach a ghluasad bhon ionad ann an Dùn Rath ann an Gallaibh gu ruige cidhe Sgrabstal.

Bidh earrann den t-slighe turasachd 'Costa a Tuath 500' (NC500), dùinte gu cunbhalach thairis air a' bhliadhna a tha romhainn.

Bidh seo a' tachairt airson stuth niùclasach a ghluasad bhon ionad ann an Dùn Rath ann an Gallaibh gu ruige cidhe Sgrabstail.

Tha an NC500 air a bhith air leth soirbheachail gus na mìltean de luchd-siubhail a thàladh chun na sgìre.

Tha an t-slighe a' tòiseachadh agus a' crìochnachadh ann an Inbhis Nis ach a' dol air rathaidean air taobh siar agus ann anceann a tuath na Gàidhealtachd.

Bidh na rathaidean dùinte 'son timcheall air uair a thìde gach turas bhon t-seachdain sa tighinn agus leantainn dhan Òg-mhios 2018.