Taghadh nan iar-chuairtean deireannach Chupa na Camanachd.

  • 10 An t-Iuchar 2017

Bidh Camanachd an Òbain a' cluiche an aghaidh Lobhait agus An t-Eilean Sgitheanach an aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh sna h-iar-chuairtean deireannach de Chupa na Camanachd.

Chaidh na sgiobaidhean a tharraing air tachartas sònraichte aig togalach a' BhBC ann an Glaschu Diluain.

Thèid na geamaichean sin a chumail air 12mh agus 26mh den Lùnastal.

Agus cluichidh an dà sgioba a thèid troimh dhan chuairt dheireannaich ann an Inbhir Nis air 30mh den t-Sultain.

Tha seo a' tighinn às dèidh mar a fhuair Bail' Ùr an t-Slèibh làmh an uachdair air Caol Bhòid Disathairne.

Tha sin a' ciallachadh gur iad an aon sgioba a-nis as urrainn a h-uile co-farpais anns am bheil iad a bhuannachadh.

Chaidh na trì geamaichean eile mar a bha an dùil an ìre mhath.

Bhuannaich na Sgitheanaich, Camanachd an Òbain agus Lòbhat còmhla ris a' Bhail' Ùr 'son àite a chosnadh sna h-iar-chuairtean deireannach.