Adhartas an leasachadh cidhe Loch nam Madadh

  • 10 An t-Iuchar 2017

Ghluais am pròiseact gus cidhe Loch na Madadh a leasachadh ceum air adhart agus fios ga chur gu Marine Scotland mu na duilgheadasan a dh' fhaodadh a bhith ann a thaobh na h-àrainneachd.

Tha beachd ann fhathast gun tèid an obair a thòiseachadh aig toiseach na h-ath bhliadhn', mus tig aiseag ùr.

Ach chan eil e soilleir aig an ìre sa dè na chosgas an obair a th' anns an amharc.

Thuirt an comhairliche Uibhisteach, Uisdean Robastan gur ann leis a' Chomhairle a tha an cidhe.

"Mar a tha mi a' tuigsinn, bhiodh Còmhdhail na h-Alba a' cur suas an t-airgead sa chiad àite.

"Ach dh'fheumadh a' Chomhairle a phàigheadh air ais leis na pier dues, mar gum biodh, sin mar a tha mi tuigsinn a tha an gnothach ag obrachadh.

Ceadan

Tha dòchas ann gum bi an obair a' tòiseachadh air a' chidhe ùr tràth an ath bhliadhna.

Ach tha dragh air a' chomhairliche Robastan gur dòcha nach bi an obair sin deiseil mus tig an t-aiseag ùr.

"Feumar ceadan - 's e àite glèiteachais a th'ann an Loch nam Madadh, 's e SAC a th'ann, 's a tha ceadan à SEPA 's h-uile duine a th'ann.

"Ma thig thu fo na rudan sin uile, tha cead a' dol thoirt ùine agus 's docha nach bi an obair a tha ri dhèanamh air a' chidhe deiseil ged a bhiodh an t-aiseag ann.