Laura Nic an t-Saoir gu ospadal an Glaschu

  • 10 An t-Iuchar 2017

Tha Laura Nic an t-Saoir, an deugaire à Barraigh a chaidh a droch ghortachadh san ionnsaigh cheannairc ann am Manchester, air adhartas a dhèanamh, agus i a-nis air a gluasad dhan ospadal ann an Glaschu.

Tha 7 seachdainean ann bho thachair an ionnsaigh, anns an deach caraid Laura, Eilidh NicLeoid, agus 21 daoine eile a mharbhadh.

Bha Laura agus a caraid Eilidh NicLeòid aig cuirm Ariana Grande ann am Manchester sa Cheitean far an d'thug bombair fèin-mhairbhteach ionnsaigh às dèidh na cuirm.

Bha Eilidh am measg an dithis duine fichead a chaill am beatha agus chaidh Laura a droch ghortachadh.

Ann an brath-naidheachd thuirt pàrantan Laura, Mìcheal Mac an t-Saoir agus a bhean Nan, gu robh iad airson taing a thoirt do mhuinntir Mhanchester, agus dhan fheadhainn tha air an cuideachadh bhon a thachair an ionnsaigh.

Thuirt iad gu bheil iad airson taing gu sònraichte a thoirt, dhan fhear a thug taic do Laura agus a chum greim air a làimh às dèidh an sprèadhaidh, mus tàinig na seirbheisean èiginn.

Thuirt iad gun d'thàinig an duine a dh'fhaicinn Laura san ospadal agus gur e urram a bh'ann coinneachadh ris.

Thuirt iad gun deach Laura a droch ghortachadh mu a cas sa làmh, ach gu bheil iad toilichte gun deach oirre gluasad gu ospadal ann Glaschu.

Thuirt iad gu bheil i a dèanamh adhartas glè mhath, ach gu bheil slighe fhada aice ri dhol fhathast.