Cairt Oyster na Gàidhealtachd?

  • 7 An t-Iuchar 2017
Cairt siubhail Image copyright Getty Images
Image caption Tha HITRANS a' coimhead ri cairt-siubhail a stèidheachadh 'son 's gun urrainear aiseagan, busaichean agus trèanaichean a chur air dòigh agus a phàigheadh aig an aon àm.

Tha a' bhuidheann HITRANS a' beachdachadh air dòighean gus siubhal air a' Ghàidhealtachd agus chun nan Eilean a dhèanamh nas fhasa.

Thathas a' coimhead ri cairt-siubhail a stèidheachadh 'son 's gun urrainear aiseagan, busaichean agus trèanaichean a chur air dòigh agus a phàigheadh aig an aon àm.

Leis gur e bhith siubhal mar phairt de dhoigh-beatha nan Eileanach, 's e sin an aite as fhearr gus deuchainn mar seo a dheanamh a-rèir stiùiriche com-pàirteachas HiTRANS Raghnall Robasdan.

'S e am beachd th' ann gus cairt siubhal sònraichte a chruthachadh a leigeadh le luchd-siubhail a h-uile tiocaid a dh'fheumas iad son na diofar dhòighean siubhail a cheannachd aig an aon àm.

Buannachd

Thuirt Mgr Robasdan gum biodh rudeigin den leithid seo na bhuannachd do na companaidhean-siubhail a thuilleadh air an luchd-siubhail fhèin.

Tha dòchas ann cuideachd gun toir e cuideachadh le clàran-ama agus le bhith dèanamh cinnteach gu bheil rum gu leòr air na goireasan-siubhail son nan daoine tha a' dol bho aon sheirbheis gu seirbheis eile, a leithid aiseagan is bhusaichean.

"Nam b' urrainn do Citylink faighinn a-mach cia mehud neach a tha airson siubhal mus fhalbh an t-aiseag à Steòrnabhagh, nuair a tha i làn is deiseil son falbh, trì uairean a thìde ron àm a dh'fheumadh am bus Ulapul fhàgail, bhiodh tìde gu leòr ann son bus a bharrachd fhaighinn à Inbhir Nis nam biodh feum air.

Thathas an dòchas seirbheis de a leithid fheuchainn anns na h-Eileanan Siar agus na h-Eileanan mu Thuath.

Ma shoirbhicheas leis, coimheadaidh iad ri a stèidheachadh air feadh na duthcha.