Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Trump agus Putin

Thachair an Ceann-Suidhe Trump agus an Ceann-Suidhe Putin air a chèile aghaidh gu aghaidh airson a' chiad uair an-diugh. Choinnich iad ann an Hamburg aig àrd-choinneimh an G20, far a bheil ceannardan na cruinne a' deasbad ghnothaichean mar malairt, atharrachadh aimsire agus Coirea a Tuath. Bheir an dithis air làimh a chèile agus bidh tuilleadh chòmhraidhean aca feasgar.

An G20

'S tha tèarainteachd mhòr ann an Hamburg, far a bheil luchd-iomairt an aghaidh calpachais air cruinneachadh. Bha àimhreit ann an-raoir, agus chuir poilis canan-uisge am feum an-diugh a-rithist airson luchd-iomairt a chur ma sgaoil.

Tùr Ghrenfell

Thuirt luchd-còmhnaidh Tùr Ghrenfell a-rithist nach eil earbsa aca ann an Sir Martainn Moore-Bick, am britheamh a tha os cionn an rannsachaidh mun teine. Thug luchd-còmhnaidh an aghaidh airsan aig coinneimh phoblaich an-raoir, agus mòran dhiubh mì-thoilichte nach eil an rannsachadh a' toirt sùil air cùisean sòisealta a tha a' toirt buaidh air taigheadas.

Mauritius

Tha aithrisean ann gun deach ban-Albannach a mhurt ann am Maritius ann an sealladh a' ghille bhig aice a tha 10 bliadhna de dh'aois agus air a bheil autism. Bha Janice Farman, a bha 47, air a bhith a' fuireach 's ag obair ann am Mauritius bho 2004. Tha aithrisean anns na meadhanan ann am Maritius gun deach duine a chur an grèim.

Bochdainn Cloinne

Tha rannschadh ùr ag ràdh gu bheil bochdainn am measg cloinne cho dona ann an sgoiltean na h-Alba 's gu bheil tidsearan a' toirt an cuid airgid fhèin do chloinn airson biadh agus èideadh sgoile a cheannach. Tha an sgrùdadh bho Institiùt Foghlaim na h-Alba ag ràdh gun tuirt còrr is leth de na tidsearan ris an do bhruidhinn iad gun tug iad cuideachadh do chloinn nach eil cho math dheth. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e adhbhar dragh a tha sin, ach gur iad gearraidhean Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte as coireach.

Farpais Adhair

Tha coltas ann gu bheil farpais a' gearradh prìs nam faraidhean adhair dha na h-Eileanan an Iar agus dha na h-Eileanan mu Thuath. Bidh Flybe agus Loganair a' dol an aghaidh a chèile airson nan seirbheisean sin an ceann dà mhìos, agus tha ticeadan gan reic mar thà air cho beag ri £50 airson siubhal eadar Steòrnabhagh agus Glaschu.