Là mòr san Iomain

  • 7 An t-Iuchar 2017
Ball

Tha Cupa na Camanachd a' ruighinn na cairteal-chuairtean deireannach Disathairne, agus bidh co-dhiù dà sgioba anns a' Phrìomh Lìog a' tuiteam a-mach às an fharpais.

Ann an geama mòr an là, thèid Bail' Ùr an t-Slèibh an aghaidh Caol Bhòid, an-dràsta an dà sgioba as fhèarr anns an dùthaich.

Tha an taghadh gheamaichean ge-tà a' fàgail gum bi fear de na sgiobaidhean a-mach às an fharpais ro dheireadh Dhisathairne.

Bidh Lobhat air neo Cille Mhàilidh cuideachd a' dol a-mach à Cupa na Camanachd, agus an dà sgioba bhon Prìomh Lìog a' tighinn ri chèile.

Tha sgioba an Eilein Sgitheanaich bhon Roinn Nàiseanta a' siubhail a cluiche Srath Ghlais le misneachd.

Agus bidh Inbhir Aora a' cur fàilte air Camanchd an Òbain anns a' gheam mu dheireadh.

ThÈid an taghadh airson nan iar-chuairtean deireannach a dhèanamh madainn Diluain.