Cobhair air ròin a' dol am meud

  • 7 An t-Iuchar 2017
Ròin

Tha dragh air èirigh mun àireimh de chuileanan ròin air a bheil cobhair ga dhèanamh le buill den phoball mun iar.

Tha Ionad Comraich nam Beathaichean Mara faisg air an Òban a' toirt rabhadh gu bheil mòran dhiubh air nach eil feum air cuideachadh, 's iad leotha fhèin 's am mathair a-muigh a' sealg.

Ach aon uair 's gun tig iad dhan ionad, feumar cobhair a thoirt dhaibh mar dhìlleachdain.

Chaidh 11 cuilean ròin a thoirt dhan ionad anns an aon àireamh laithean.

Tha sin a' dhà uidhear an àireamh ris am biodh dùil aca mar as trice.

Rabhadh

Thàinig rabhadh bhon luchd-obrach nach urrainn cuilean a chur air ais gu mathair aon uair 's gu bheil iad dealaichte, 's tha iad gam fàgail an urra ris an ionad comraich.

Thuirt Anna Price bhon bhuidhinn gur e a' chomhairle as fheàrr na cuileanan fhàgail far a bheil iad, mura h-eil iad ann am fìor chunnart.

Tha dragh ann gu bheil an àireamh mhòr de luchd-turais anns an sgire a' cur ris an duilgheadas.

Thathas ag iarraidh air daoine gun feuchainn ri cobhair a dhèanamh air cuilean ròin, neo feuchainn ri an cur air ais dhan uisge.

Gu math tric chan eil iad nan onrach ach fhad 's a tha iad a' feitheamh air am màthair a th'air a dhol an tòir air biadh.