Càr a' ruith air fuigheall an uisge-bheatha

  • 7 An t-Iuchar 2017
Biobutanol
Image caption Tha an càr air a ruith air bith-chonnadh ùr a rinneadh às an treasg agus an leann-loisgte a th'air fhàgail nuair a thathas a' dèanamh uisge-beatha.

Airson a' chiad uair a-riamh tha càr air siubhal, chan ann le peatrol, ach le fuigheall an uisge-bheatha à taigh-stalla anns an tanc.

Tha e a' ruith air bith-chonnadh ùr a rinneadh às an treasg agus an leann-loisgte a th'air fhàgail nuair a thathas a' dèanamh uisge-beatha.

Tha companaidh Albannach air a bhith ag obair air an seo bho chionn 2-3 bliadhnaichean, 's tha iad a-nis air a' chiad chàr a ruith.

Tha taighean-stalla na h-Alba a' cur a-mach faisg air trì chairteal a mhillean tonna de threasg anns a' bhliadhna an-dràsta, còmhla ri 2 billean litear de leann-loisgte.

Tha Celtic Renewables den bheachd gun gabhadh gnìomhachas luach na billeanan notaichean togail às an seo.

Prìs a bharrachd

Agus tha iad an dùil nach ann a-mhàin ann an Alba ach far a bheil uisge-beatha ga dhèanamh an dùthchannan eile air feadh an t-saoghail.

Ach tha ceist air gu leòr a bheil de stuth ri fhaighinn às na taighean-staile airson diofar mòr sam bith a dhèanamh.

Tha Murchadh Caimbeul na eòlaiche uisge-bheatha agus tha e ag ràdh gur e tuathanaich as motha a tha a' ceannach an stuth bho na taighean-staile.

"Agus tha iad a' faighinn airgead air.", thuirt e.

"A-nis, am faigh iad barrachd airgid air bho na daoine a tha seo a tha dol a dhèanamh connadh dheth - chan eil fhios 'am mu dheidhinn sin.

"Tha fhios airson a tharraing thucasan, tha mi creidsinn gum feum iad prìs a bharrachd a thoirt air agus tha sin a' lùghdachadh na prothaid a bhios aca fhèin.

Inntinneach a-thaobh einnseanaireachd

Agus tha teagamhan cuideachd aig Murray MacLeòid bhon phrògram telebhisein chàraichean 'Air an Rathad':

"Tha iad ag ràdh nach fheum thu atharrachadh sam bith a dhèanamh air an einnseann agus tha sinn gu sònraichte inntinneach a-thaobh einnseanaireachd.

"Gu tradaiseanta co-dhiù, bha tuathanaich a' cur feum air a sin 'son na beathaichean aca a dhèanamh reamhar.

"Agus tha iadsan a' gearain leis na tha ann a-nis de 'anaerobic digesters', chan eil gu leòr ann do thuathanaich.

"Mar sin dheth, mura h-eil gu leòr ann do thuathanaich, agus a h-uile càil a' dol gu anaerobic digestion son teas is dealan a chruthachadh, chan eil mi tuigsinn ciamar a bhios gu leòr ann 'son càraichean a chumail a' dol.

Inbhir Ghrainnse

'S ann à rannsachadh aig Oilthigh Napier an Dùn Èideann a chaidh a' chompanaidh Celtic Renewables Earranta a thogail.

Fhuair iad grant £9m bho chionn ghoirid bhon Riaghaltas.

Cleachdaidh iad sin airson taigh-giullachd coimearsalta a thogail far an dèan iad an connadh - ann an Inbhir Ghrainnse.

Agus tha dùil aca e a bhith a' cur a-mach biobutanol ann an 2019.