Farpais sheirbheisean adhair buaidh air prìsean

  • 7 An t-Iuchar 2017
Itealan
Image caption Bho thoiseach na Sultaine, tha Flybe agus Loganair gu bhith a' ruith sheirbheisean air cuid de na slighean do dh'eileanan na h-Alba, agus iad a' farpais an aghaidh a chèile.

Tha co-fharpais eadar companaidhean adhair air cuid de shlighean eileanach mar-thà a' toirt buaidh air prìsean.

Bho thoiseach na Sultaine, tha Flybe agus Loganair gu bhith a' ruith sheirbheisean air cuid de na slighean do dh'eileanan na h-Alba, agus iad a' farpais an aghaidh a chèile.

Dh'fhàg sin gum faighear ticead airson siubhal eadar Steòrnabhagh agus Glaschu 'son cho saor ri £50.

An-uiridh, dh'innis Loganair agus Flybe nach biodh iad ag obair còmhla tuilleadh às dèidh a bhith ann an com-pàirteachas air slighean air feadh na Gàidhealtachd bho 2008.

Prìs reusanta

Tha Loganair gu bhith a' tabhann na slighe leotha fhèin airson a' chiad uair air a' chiad là den t-Sultain.

Ach a' mhìos seo chaidh, dh'innis Flybe gun robh iad air a dhol còmla ri Eastern Airways gus seirbheisean a thabhann air cuid de na h-aon shlighean.

Tha Loganair air a ràdh gu bheil iad ullaichte airson seo, agus gu bheil cosgaisean bagaiste a' ciallachadh gu bheil ticeadan Flybe daonnan nas daoire.

Ach tha Flybe ag ràdh gu bheil cosgaisean air tuiteam bho chaidh iadsan an sàs anns a' mhargaidh, agus gu bheil iad airson barrachd chothroman air siubhail aig prìs reusanta a thabhann.