Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

NATO

Thuirt an Ceann-Suidhe Trump gu bheil làn àm aig dùthchannan eile ann an NATO an dleastanas a dhèanamh. Thuirt Mgr Trump, a th' ann an Warsaw airson chòmhraidhean ri Ceann-Suidhe na Pòlainne, gu bheil cunnart ann do dhùthchannan an taobh siar mura seal iad barrachd neart. Agus thuirt e gum feumar dèiligeadh gu cruaidh ris a' chunnart bho Choirea a Tuath. Tha Mgr Trump a' dol air adhart dhan Ghearmailt far a bheil àrd-choinneamh an G20 a' tòiseachadh ann an Hamburg a-màireach.

Brexit

Thuirt Michel Barnier a tha os cionn chòmhraidhean Bhrexit às leth an Aonaidh Eòrpaich nach bi malairt cheart ann le Breatainn mura fuirich an Rìoghachd Aonaichte anns a' mhargaidh shingilte agus ann an Aonadh na Cuspainn. Thuirt e nach eil Breatainn idir a' tuigsinn nach toir an EU cead dhi air na pìosan a-mhàin den mhargaidh shingilte a tha Breatainn ag iarraidh.

Chilcot

Thuirt Sir John Chilcot a bha os cionn an rannsachaidh air Cogadh Iorac, gu bheil esan den bheachd nach robh Tony Blair buileach onorach ris an dùthaich mun adhbhar air an deach e gu cogadh ann an Iorac ann an 2003. Thuirt Sir John gur dòcha gun robh Tony Blair na chridhe fhèin a' creidsinn na thuirt e, ged nach b' e sin fìrinn na cùise. Thuirt Mgr Blair ron seo nach d' fhuair an rannsachadh fianais sam bith gun robh breugan no foill ann.

Mikayla Haining

Tha dùil ri duine a tha 19 bliadhna de dh'aois, ann an Cùirt Siorraidh Inbhir Nis an-diugh fo chasaid mu bhàs leinibh, trì seachdainnean de dh'aois, ann an Inbhir Nis air a' mhìos a chaidh. Chaochail Mikayla Haining anns an ospadal an dèidh a toirt bho a dachaigh ann an sgìre Bhaile a' Chnuic, agus i air a droch ghoirteachadh.

Obar Dheathain

Tha rannsachadh a' dol air adhar mu bhàs dhithis ann an Obar Dheathain. Fhuair poilis corp fireannaich agus corp boireannaich ann an taigh air Barraid Cornhill anns a' bhaile mu 10:30f an-raoir. Thuirt na Poilis gu bheil iad den bheachd, aig an ìre thràth a tha seo anns an rannsachadh nach robh gnothach aig duine sam bith eile ris an tachartas.