Dùnaidhean ionadan-obrach "gun bhuaidh" aig tuath

  • 6 An t-Iuchar 2017
Ionad-obrach Image copyright PA

Cha toir dùnadh Ionadan-Obrach agus oifisean Roinn na h-Obrach 's nam Peinseann (DWP) buaidh air seirbheisean air Ghàidhealtachd no anns na h-Eileanan.

Dhearbh an DWP Diciadain gun lean iad orra le am planaichean àireamh mhòr de dh'oifisean air feadh na RA a dhùnadh ron Mhàrt an ath-bhliadhna.

"Chan eil cunnart sam bith do dh'obraichean air Ghàidhealtachd no ann an Roinn a' Mhonaidh, no cunnart do sheirbheisean don phoball a tha a' cur feum air ionadan-obrach," thuirt Rùnaire Meur na Gàidhealtachd 's nan Eilean de dh'aonadh am PCS, Sam Hall.

"Tha sin ao-coltach ris a' bhuaidh a thèid fhaireachdainn mu mheadhan Alba.

"Rinn sinn strì mhòr aig tuath na seirbheisean a th' againn a ghlèidheadh, agus shoirbhich leinn san argamid sin leis an DWP," thuirt e.

"Tha dà thogalach ann an Steòrnabhagh, agus 's e na thachras, gun tèid an dà oifis a tha sin a chur còmhla.

"Caillear togalach, ach cha chaillear seirbheisean sam bith, agus cha bhi cunnart sam bith ann do chosnaidhean.

"Tha sinn ann an còmhraidhean leis an DWP an-dràsta mu bhith a' fastadh luchd-obrach a bharrachd anns na h-Eileanan Siar.

"Ann an Inbhir Nis, leanaidh Taigh na h-Aibhne air mar ionad seirbheis don phoball, agus bidh e cuideachd na ionad phròiseasaidh, rud a tha an-dràsta ga dhèanamh ann an oifiis Sràid na h-Eaglaise, a thèid a dhùnadh.

"Chaidh an dùnadh sin a chur dheth ge-tà, suas gu 's dòcha am Màrt 2019," thuirt e.