Uisge Srath Spè "gun bhuaidh air craiceann"

  • 6 An t-Iuchar 2017
Uisge an tap

Thuirt luchd-iomairt ann an sgìre Strath Spè agus Bàideanach gur e briseadh dùil uabhasach a th' ann dhaibh gun do sheall rannsachadh nach eil uisge an tap a' toirt buaidh air craiceann dhaoine.

Thog muinntir an àite dragh mun chùis nuair a chaidh siostam uisge ùr a thogail san Aghaidh Mhòir an-uiridh.

Tha daoine san sgìre ag ràdh gu bheil blas uabhasach den uisge agus gum feum iad botail a cheannach.

Tha cuid a' gearain gu bheil an t-uisge a' toirt buaidh air a' chraiceann aca - ga fhàgail dearg, tioram agus tachasach.

Thàinig air feadhainn comhairle fhaotainn bho eòlaiche craicinn.

Sheall rannsachadh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd nach eil an t-uisge a' toirt buaidh orra.

Dh'innis iad cuideachd gur e glè bheag de dhaoine a b' fheudar stuth leigheis fhaighinn.

Ach thuirt Caroline Hayes bhon bhuidhinn iomairt gu bheil dotairean san sgìre ag ràdh gu bheil an àireamh dhaoine air a bheil eacsama ag èirigh.

Dh'innis i cuideachd nach eil rannsachadh a' Bhùird Shlàinte a' sealltainn an t-suidheachaidh ann an da-rìribh.