Athair fo chasaid moirt a' phàisde aige

  • 6 An t-Iuchar 2017
Rathad MhicAoidh, Baile a' Chnuic. Image copyright jasperimage
Image caption Chaidh oifigearan a ghairm gu Rathad MhicAoidh ann am Baile a' Chnuic air a' mhìos a chaidh an dèidh do Mhikayla a bhith air a droch ghoirteachadh.

Nochd athair pàisde, trì seachdainnean a dh'aois, a bhàsaich san ospadal ann an Inbhir Nis air a' mhìos a chaidh, sa chùirt Diardaoin fo chasaid a moirt.

Cha do rinn Tòmas Haining tagradh sa bith nuair a nochd e gu prìobhaideach ann an Cùirt an t-Siorraidh sa bhaile.

Chaochail Mikayla Haining ann an Ospadal an Rathaig Mhòir air an 8mh dhen Ògmhios.

Chaidh a toirt dhan ospadal bho a dachaigh ann am Baile a' Chnuic sa bhaile 's i air a goirteachadh gu dona.

Thuirt Poilis Alba an toiseach nach robh e soilleir dè a dh'adhbhraich a bàs agus gu robh eòlaichean forensic a' rannsachadh na cùis.

Dhearbh iad Diluain gu robh iad a' làimhseachadh bàs Mikayla mar chùis amharasach.

Dh'innis iad oidhche Chiadain gun deach casaid a thogail an aghaidh fireannaich, 19 bliadhna a dh'aois, co-cheangailte ri a bàs.

Nochdaidh e ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Diardaoin.

Chaidh Haining a chumail an grèim agus leanaidh a' chùis Dihaoine.