"An t-àm 'son dà bhàta" air slighe Steòrnabhaigh

  • 6 An t-Iuchar 2017
An Loch Seaforth

Tha Ball Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ag ràdh gu bheil an t-àm air a thighinn far am bu chòir dà shoitheach a chur air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

Tha seo air togail a thoirt dhan iomairt agus gu leòr eile, nam measg Comhairle nan Eilean Siar, air a bhith ag iarraidh an dearbh rud airson greis.

"Ann an dòigh se sgeul mhath a th'ann mu dheidhinn bàtaichean aiseig sna h-eileanan. Tha na h-àireamhan air a bhith a'dol suas.

"Ach se sgeul ro mhath a th'ann ann an dòigh a-nis. Tha deasbad sa choimhearsnachd dè an ath cheum gus dèanamh cinnteach gu bheil rum ann as t-samhradh," thuirt Mgr Allan.

Loma-làn

Bha ceistean ann nuair a bhathas a' cur bàta an àite an Isle of Lewis, a bha air an t-slighe roimhe, am bu chòir dà bhàta a bhith ann.

Ach cho-dhùin CalMac gum biodh aon bhàta iomchaidh.

Agus ged nach eil an Loch Seaforth làn ann am mìosan a' gheamhraidh tha i air fàs gu math trang tron t-samhradh.

Tha e coltach gu bheil i làn mar-thà airson mòran de na seòlaidhean gach Disathairne gu meadhan an Lùnastail.

Chaidh a' chùis a thogail aig coinneimh eadar riochdairean Comhairle nan Eilean Siar agus Rùnaire na Còmhdhail, Humza Yousaf, air a' mhìos a chaidh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn aig an ath cheum a-nis, ge-ta, sin gu bheil am bàta ùr a th'againn làn. Tha deasbad ann a thaobh bathar, làraidhean agus a leithid.

"Tha mi an dòchas nuair a tha CalMac a' coimhead air bàtaichean ùra gum bi sinn a' coimhead air an t-seirbheis seo ann an Steòrnabhagh cuideachd.

Còmhradh

Ghabh Mgr Allan ris gur e co-dhunadh Riaghaltas na h-Alba a bh'ann aon bàta a chur air an t-slighe an àite na dhà agus e gur ann aig riaghaltas a bhiodh an co-dhunadh mu airgead aig deireadh an latha.

"Tha mise ag ràdh gu bheil an t-àm ann a-nis an còmhradh sin a phutadh air adhart dhan ath cheum.

"Se deagh naidheachd a th' ann gu bheil bàta ùr againn agus gu bheil daoine ga cleachdadh agus tha mise a' faighneachd a' cheist de an ath cheum gus dèanamh cinnteach gu bheil rum ann gu sònraichte as t-samhradh?

"Chan eil bàta-bathair againn a-nis agus tha mi cinnteach gum bi deasbad ann a-nis mu dheidhinn a bheil feum ann airson bàta a tha a' ruith agus a' dèanamh an aon seòrsa seirbheis san àm ri teachd," thuirt Mgr Allan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo