Fiosrachadh air iarraidh mu theine

  • 6 An t-Iuchar 2017
Seacaid poilis

Tha Poilis Alba a' sireadh fiosrachaidh an dèidh do thaigh-fuine ùr Harry Gow ann an Ceasag a Tuath a dhol na theine madainn Diluain.

Bha a' chompanaidh an impis a' bhùth fhosgladh an dèidh dhaibh an togalach a leasachadh gu mòr.

Chaidh a' chompanaidh dhan togalach an-uiridh an dèidh dhan ionad fhiosrachaidh do luchd-turais a bha ann roimhe dùnadh.

Chaidh na poilis agus an t-seirbheis-smàlaidh a ghairm mu 03:30 Diluain agus thug e mu thrì uairean a thìde an teine a chur às.

Cha deach duine a ghoirteachadh ach chaidh milleadh mòr a dhèanamh air an togalach.

"Tha mi a' cur impidh air duine sa bith a mhothaich gun deach milleadh a dhèanamh air an togalach bho chionn ghoirid fios a chur thugainn.

"Dh'fhaodadh gu bheil fiosrachadh agaibh a dh'fhaodadh ar cuideachadh san rannsachadh," thuirt an Detective Constabal Nicola NicAonghais, a tha os cionn an sgrùdaidh.

Dh'fhaodar fios a chur gu na poilis air 101 no gu Crimestoppers air 0800 555 111 mur a h-eileir airson ainm a thoirt seachad.