Co-chomhairle mu Chnoc Soilleir

  • 6 An t-Iuchar 2017
Beachd air a' choltas a dh'fhaodadh a bhith air Cnoc Soilleir. Image copyright John Renshaw Architects 2016

Tòisichidh co-chomhairle Diardaoin air toglach ùr Cheòlas ann an Dalabrog.

Cosgaidh am pròiseact, Cnoc Soilleir, mu £7m.

Tha earrann mhòr dhen airgead sin ri fhaighinn fhathast agus chaidh iarrtas gu Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba airson a' mhòr chuid dheth.

Ach tha Cathraiche Buidheann Stiùiridh Chnoc Soilleir, Màiri NicAonghais, den bheachd, ma thèid leotha gum fosgail an toglach ùr an ceann dà bhliadhna.

Se compàirteachas eadar Ceòlas Uibhist agus Colaiste Caisteal Leòdhais UHI a tha ann an Cnoc Soilleir agus se an t-amas ionad a thogail airson ceòl na Gàidhlig, dannsa agus dualchas na sgìre a bhrosnachadh.

A thilleadh air a bhith a' toirt àite dha Ceòlas airson nan tachartasan aca thèid an togalach a chleachdadh cuideachd airson foghlam agus trèanadh.

Airgead

Tha iad an-dràsta aig a' chiad ìre dhen pròiseact agus gu math faisg air a thighinn gu aonta oifigeil leis an uachdaran choimhearsnachd, Stòras Uibhist, airson an tallamh fhaighinn.

Image caption Chaidh làrach an togalaich a chomharrachadh le soidhne ùr an t-seachdain-sa.

Le sgoil-shamhraidh Cheòlas a' dol an t-seachdainn-sa chaidh luchd-dealbhachaidh an ionaid a dh'Uibhist airson latha no dhà airson bruidhinn ri na daoine a bhiodh an dùil an togalach a chleachdadh agus ris a' choimhearsnachd san fharsaingeachd.

Fhuair am pròiseact taic de £1m mur tha bho Riaghaltas na h-Alba agus fhuair iad £150,000 bho Bhòrd na Gàidhlig agus tha sin ga chosg air obair-dhealbhachaidh.

Ach tha mòran eile a dhìth.

"An rud as cudthromaiche dhuinn gum faigh sinne taic bho Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba agus 's e ar caraidean ann an Colaiste a' Chaisteil a tha a' cur na h-obrach sin air adhart, ged a tha an t-oifigear againne a' toirt seachad an fhiosrachaidh agus a' cur an fhiosrachaidh uileag ri chèile.

"Tha sinn a' coimhead airson suas ri £4m bho Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba. Ma thèid gnothaichean gu math 's gum faigh sinn sin, tha an uairsin an fheadhainn eile, mar a tha Iomairt na Gàidhealtachd sna Eilean, mar a tha Comhairle nan Eilean fhèin agus rud neo dha eile ri tighinn a-staigh.

"Uileag gu lèir tha an togalach a' dol a chosg beagan seachad air £7m," thuirt Màiri NicAonghais.

Co-chomhairle

Chuir a' Bh.Ph. NicAonghais impidh air daoine a dhol an sàs sa cho-luadar.

"Tha an luchd-dealbhachaidh ann an seo agus tha beachdan aca-san agus tha iad a' coimhead air co ris a bhios an togalach coltach, de mar a cheangalas i a-staigh ri na togalaichean a tha mu chuairt, gu seach àraid ciamar a ghabhas i a bhith air a cur air dòigh gus nach bi i cosgail a ruith, ciamar a ghabhas an t-uabhas a chur air adhart.

"Tha iad-san ag ràdh gu bheil £7m not gu math beag. Cha chan mise gu bheil sin beag!

Image caption Tha cothrom aig daoine na planaichean fhaicinn an t-seachdainn-s' agus bruidhinn ris an luchd-dealbhachaidh.

"Tha sinn gu seachd àraid an t-seachdain seo 'on a tha muinntir a' chiùil, na pìobairean, na dannsairean, tha iad uileag an seo agus muinntir an àite fhèin cuideachd, dè a' bhuaidh a tha a' dol a bhith aige air na gnìomhachasan eile ann an seo? Dè am feum a tha e a' dol a thoirt dhan choimhearsnachd?

"Tha freagairtean a ghabhas cur ris a sin an-dràsta agus bu mhath leinn gun tigeamh am mòr-shluagh a-staigh a Sgoil Dhalabroig feasgar Diardaoin aig 3.30f," thuirt a' Bh.Ph. NicAonghais.

Thèid fiosrachadh air làrach-lìn Cheòlas às dèidh sin.