Taic do phròiseactan oirthirean na h-Alba

  • 6 An t-Iuchar 2017
An Tairbeart, na Hearadh Image copyright Geograph/James Allan

Tha taic airgid de £4.3m ga roinn a-mach do phròiseactan air oirthirean na h-Alba.

Gheibh sia proiseactan air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan buannachd bhon mhaoin an turas seo.

Cuidichidh an t-airgead seo slighean mu na cladaichean a leasachadh, cidheachan ùrachadh agus làraich thurasachd a chruthachadh air feadh na h-Alba.

Chaidh aithris mar tha gu bheil Buidhean Leasachaidh na Hearadh Earranta a' faighinn £300,000 bhon mhaoin an turas-sa.

Tha sin a' fàgail gu bheil an t-suim air an robh iad ag amas - £1.35m - a-nis aca.

Thèid goireasan pontoon a stèidheachadh air an Tairbeart agus ann an Scalpaigh.

Gheibh Slighean Uisge Bhreatainn £237,500 a thèid a chur ri pròiseact ionad turasachd ùr mun Chanàl Chailleanach ann an Cille Chuimein.

Tha Urras nam Mucan-mara 's nan Leumadairean, a tha stèidhichte ann an Tobar Mhoire a' faighinn £196,535, airson lionra de 25 làraich dhualchais agus àiteachan amhairc mucan-mara a stèidheachadh air a' chost an iar.

Gheibh taigh-tasgaidh "eco" ann an Staffain £108,049 airson leudachadh.

Bho thòisich e bho chionn còig bliadhna, tha am maoin air cha mhòr £17.7m a thoirt do 69 proiseact.