Casaid co-cheangailte ri bàs leinibh

  • 6 An t-Iuchar 2017
Rathad MhicAoidh, Baile a' Chnuic. Image copyright jasperimage
Image caption Chaidh oifigearan a ghairm gu Rathad MhicAoidh ann am Baile a' Chnuic air a' mhìos a chaidh an dèidh do Mhikayla a bhith air a droch ghoirteachadh.

Chaidh casaid a thogail an aghaidh fireannaich co-cheangailte ri bàs naoidhein ann an Inbhir Nis.

Chaochail Mikayla Haining, aois trì seachdainnean, ann an Ospadal an Rathaig Mhòir air an 8mh dhen Ògmhios.

Chaidh a toirt dhan ospadal bho a dachaigh ann am Baile a' Chnuic sa bhaile 's i air a goirteachadh gu dona.

Thuirt Poilis Alba an toiseach nach robh e soilleir dè a dh'adhbhraich a bàs agus gu robh eòlaichean forensic a' rannsachadh na cùis.

Dhearbh iad Diluain gu robh iad a' làimhseachadh bàs Mikayla mar chùis amharasach.

Dh'innis iad oidhche Chiadain gun deach casaid a thogail an aghaidh fireannaich, 19 bliadhna a dh'aois, co-cheangailte ri a bàs.

Nochdaidh e ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Diardaoin.