Tagradh an aghaidh prìosan ùr Inbhir Nis

  • 5 An t-Iuchar 2017
Prìosan Inbhir Nis Image copyright Dr Neil Clifton/Geograph
Image caption Bhiodh am prìosan ùr a' dol an àite Prìosan Inbhir Nis, tè de na prìosanan as sinne agus as bige ann an Alba.

Chaidh cur an aghaidh plana airson prìosan ùr ann an Inbhir Nis.

Chuir Urras Aonad Hercules aig a bheil Pàirce Bhùitean Inbhir Nis, tagradh a-steach an aghaidh an sgeama a chosgadh £66m.

Tha iad na aghaidh 's iad ag ràdh nach eil e a' dol a rèir a' phlana leasachaidh ionadail a chomharraich am pìos fearainn airson bùitean.

Tha iad ag ràdh gu bheil an cead-dealbhachaidh airson tuilleadh bhùitean fhathast an sàs.

Sa Chèitean chuir Seirbheis Prìosain na h-Alba tagradh a-steach airson cead, ann am prìonnsabal, prìosan a thogail air làrach 18 acaire air cùl Homebase.

Thàinig air an t-seirbheis a cùl a chur ri planaichean connspaideach prìosan, a ghabhadh 200 prìosanach, a thogail ann am Baile Muilinn an Leigheis an dèidh do mhuinntir na sgìre cur na aghaidh.