Gainnead rum ann an sgoiltean Inbhir Nis

  • 5 An t-Iuchar 2017
Baile Inbhir Nis
Image caption Tha mar a tha baile Inbhir Nis air leudachadh gu mòr sna bliadhnachan mu dheireadh a' fàgail g'eil cuid a sgoiltean ro làn.

Cuiridh Comhairle na Gàidhealtachd buidheann-obrach an sàs taobh a-staigh na comhairle a bheir sùil air an trioblaid le sgoiltean anns nach eil rùm gu leòr agus a tha ro làn.

Bheir a' bhuidheann sùil air foghlam sgoile aig a h-uile ìre eadar cròileagain, sgoiltean-àraich, bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean, agus air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Thuirt Leas-cheannard na Comhairle, an comhairliche Alasdair Christie, gum biodh a' bhuidheann-obrach gu mòr an sàs ann a bhith a' cur air adhart molaidhean air an dòigh as fheàrr airgead a chosg air sgoiltean, air mar a ghabhas barrachd rum a dhèanamh do sgoilearan agus air ciamar a ghabhas àrainneachd sgoiltean a dhèanamh nas fheàrr.

Beachdaichidh Comataidh Baile Inbhir Nis agus Comataidh an t-Sluaigh aig an ùghdarras air molaidhean na buidhne nas fhaide air a' bhliadhna.

Dùbhlan

Tha ochd sgoiltean sa bhaile air bacadh a chur air an àireamh sgoilearan as urrainn dhaibh a ghabhail agus tha dùil gum bi na còig àrd-sgoiltean ro làn ro 2030.

An t-seachdainn a chaidh mhol fear de chomhairlichean cheann a deas a' bhaile, Anndra Jarvie, gun deidheadh àrd-sgoil a thogail sa cheann a deas cho luath sa ghabhas.

Ach tha dùbhlan ionmhais mu choinneamh an ùghdarrais ionadail agus toll de eadar £120m agus £180m sa bhuidseat aca sna còig bliadhna ri teachd.