Fèis na Hearadh a' dol bho neart gu neart
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fèis na Hearadh a' dol bho neart gu neart

6 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha fèis do dh' òigridh anns Na Hearadh, a chaill a h-uile ionnsramaid a bh' aca ann an teine dìreach bho chionn beagan mhìosan, a-nis a' dol bho neart gu neart.

Bha ceist ann am biodh Fèis Na Hearadh ann am-bliadhna, ach leis gur e seo an còigeamh bliadhna fichead dhan fhèis bha fhios aig a' chomataidh gum feumadh iad a' chùis a chumail a' dol.

Tha an fhèis a' ruith fad na seachdain agus chaidh Catriona NicIllInnein a thadhal air feadhainn a bha an sàs ann.