Ceistean mu sheirbheis physiotherapy cloinne
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ceistean mu sheirbheis physiotherapy cloinne nan eilean

6 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba a' togail cheistean mu sheirbheis physiotherapy cloinne 'san sgìre.

Tha Alasdair Allan BPA ag ràdh gu bheil na h-uimhir air gearain nach eil an t-seirbheis ri fhaighinn nuair a dh' iarradh iad bhon a dh' fhàg an duine a bha anns an dreuchd air a' mhìos sa chaidh.