Comhairle a' cur fàilte air leasachadh Raon Rocaidean

  • 5 An t-Iuchar 2017
Raon nan Rocaidean
Image caption Dh'ainmich a' chompanaidh Qinetiq agus an MOD, an ath-cheum san leasachadh a nì iad air Raon Rocaidean Uibhist.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air fàilte a chur air leasachadh £16.8m ann an Raon Rocaidean Uibhist.

Tha Ministearachd an Dìon agus QinetiQ air an t-airged a chur mu choinneamh shiostaman rèideir ann an Hiort agus leasachaidhean air dà rèideir aig MOD Innse Gall.

Thuirt Cathraiche Comataidh an Leasachaidh Maireannaich, An Comh. Dòmhnall Crichton, gur e naidheachd mhath a tha seo son Uibhist agus na h-Eileanan an Iar.

"Tha seo na dhearbhadh gu bheil iarrtas ann 'son an t-ionad a chumail a' dol, agus 'son na h-obraichean a tha na lùib a dhìon", thuirt an Comh. Crichton.

Dh'ainmich a' chompanaidh Qinetiq agus an MOD, an ath-cheum san leasachadh a nì iad air Raon Rocaidean Uibhist Dimàirt.

Cosgar cha mhòr £17m air uidheamachd rèideir ùr, an dà chuid ann an Hiort agus ann an Uibhist fhèin.

Dìon na dùthcha

Chaidh ainmeachadh mar-thà gum biodh an MOD agus Qinetiq a' cur £95m an sàs ann a bhith ag ùrachadh nan raointean.

Bidh an t-airgead air a roinn eadar Aberporth anns a' Chuimirgh agus ann an obair na rocaidean ann an Uibhist.

Gheibheadh na h-eileanan £60m dhen airgead sin.

Thathar an dòchas gum bi na siostaman rèideir gu lèir air an chur an sàs an ceann trì blaidhna.

Thuirt tè-labhairt bhon chompanaidh gur e ceum mòr air adhart a bhiodh an seo agus gun robh obair rocaidean nan eilean bunaiteach don rìoghachd.

Thuirt an MOD gum fàgadh an teicneòlas ùr seo gum biodh an t-aite deiseil airson taic a chur ri dìon na duthcha anns an bliadhnaichean ri teachd.