Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconamaidh

Chuir Riaghaltas na h-Alba fàilte air figearan a tha a' dearbhadh gun do sheachainn Alba crìonadh eaconamach. Thàinig fas 0.8% air eaconomaidh na h-Alba air a' chiad chairteal den bhliadhna agus tha sin nas fheàrr na rinn eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte gu lèir. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gur e dearbhadh a tha'nn air eaconomaidh a tha a' neartachadh. Thuirt Rùnaire na h-Alba, Daibhidh Mundell, gur e figearan misneachail a tha annta ach gu bheil mòran ri dhèanamh fhathast.

Tùr Ghrenfell

Tha an riaghaltas a' cur buidheann-ghnìomh an sàs a bheir cuideachadh do Chomhairle Kensington agus Chelsea, agus an t-ùghdarras a' faighinn càinidh mun dòigh san do làimhsich iad cùisean an dèidh teine Tùr Ghrenfell. Tha e coltach gun gabh buidheann bhon taobh a-muigh smachd air roinn an taigheadais agus roinnean eile ach nach tèid a' chomhairle fhèin a' gabhail thairis.

Pasgan Amharrasach

Chaidh Terminal 3 aig Port Adhair Mhanchester fhalmhachadh agus amharras ann mu phasgan a chaidh fhàgail an sin. Thuirt na polais gu bheil sgioba èiginn a' dèiligeadh ris air eagal's gur e bom a tha'nn.

Rangers

Thàinig riaghladh bhon Phrìomh Chùirt a-mach air taobh Roinn na Cìse agus Cuspainn ann an strì laghail ri luchd-rianachd as leth RFC 2012, Club Ball-Coise Rangers PLC, mar a bha orra aig an àm. Phàigh seann chlub Rangers luach £47m de dh'iasadan EBT, do luchd-obrach, gun chìsean orra eadar 2001 agus 2011. Bha Roinn na Cìse agus Cuspainn a' cumail a-mach gur e turasdal a bha sin air am bu chòir cìsean a phàigheadh. Tha e coltach nach toir co-dhùnadh na cùirte buaidh sam bith air Rangers leis gum boin cluba an latha an diugh do chompanaidh eile.

MH17

Cho-dhùin dùthchannan a tha rannsachadh mar a chaidh itealain Malaysia Airlines MH17 sìos anns an Ucrain bho chion trì bliadhna gur anns an Òlaind a theid casaidean a thogail. Fhuair rannsachadh anns an Òlaind an-uiridh gur e urchair Ruiseanach a bhual anns an itealan os cionn na sgìre den Ucrain a tha fo smachd reubaltach. Tha an Ruis a' dol as aicheadh sin. 'S ann dhan Òlaind a bhoineadh a' mhòr-chuid den 298 duine a chaill am beatha.

Bàs sa phrìosan

Thèid athaisg gu Neach-casaid a' Chrùin mu bhàs duine às Uibhist ann am Phrìosan Bharr na Linne ann an Glaschu. Bhoineadh Anndra Latharna MacDùghghaill, a bha 49, do Bheinn na Fadhla ach bha e a' fuireach ann an Loch Baghasdail. Chaidh a chumail an greim an dèidh dha a bhith 'sa chùirt ann an Loch nam Madadh bho chionn cola deug.

Seirbheis Physiotherapy Cloinne

Tha ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, a' togail cheistean mu sheirbheis physiotherapy cloinne na sgìre. Tha an Dr Allan ag ràdh gu bheil na h-uimhir air gearain ris gu bheil laigse san t-seirbheis bho dh'fhàg an duine a bh'anns an dreuchd air a' mhìos a chaidh. Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gun do chuir iad sanas a-mach dà thuras 'son na h-obrach agus gun cum iad orra a' feuchainn ri cuideigin fhastadh.