Tòmas Mikkelsen gluasad do na Staggies

  • 5 An t-Iuchar 2017

Tha Ross County air dearbhadh gum bi an cluicheadair aghaidh Tòmas Mikkelsen a' tighinn dhan sgioba air cùmhnant fad dà bhliadhna.

Chuir Mikkelsen, às an Danmhairg, an dàrna leth den t-seasan a chaidh air iasad aig Dundee United ann an Championship na h-Alba.

Dhearbh Manaidsear Ross County, Jim Mac an t-Saoir an cùmhnant Diciadain.

Thuirt e, leis na cluicheadairean aghaidh a th'aca mar-thà aig a' chluba, gun toireadh Mikkelsen rudeigin eadar-dhealaichte dhan loidhne aghaidh aca air t-seasan seo tighinn.