Ospadalan a' cur feum air obair-càraidh

  • 5 An t-Iuchar 2017
Ospadal an Rathaig Mhòir

Dh'aidich NHS na Gàidhealtachd gu bheil tòrr obair-càraidh a' feitheamh ri dhèanamh air na ospadalan aca agus gu bheil duilgheadasan leis a' chuid as motha de na togalaichean aca.

Thàinig seo gu ceann an dèidh do Thòraidhean na h-Alba iarrtas a chur a-steach fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.

Thuirt am bòrd slàinte gu bheil duilgheadasan le siostaman gaothrachaidh agus dealain 's gum biodh iad air an ùrachadh neo uidheamachd ùr air a chur na'n àite nam biodh ionmhas air bhith ann air an son.

Tha obair-càraidh ri dhèanamh sna h-ospadalan aca air fad agus thèid obair-leasachaidh mhòr a dhèanamh air grunn dhiubh, nam measg Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis, Ospadal Ghallaibh ann an Inbhir Ùige agus Ospadal an Ath Leathainn san Eilean Sgitheanach.

Chaidh £20m a chomharrachadh airson togalach ùr a chur an àite Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan.

Tha am bòrd-slàinte ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh tuilleadh sgrùdaidh air na togalaichean aca agus gu bheil iad gu sònraichte a' cosg airgid air na nithean as motha a nì feum.

Fhuair an t-iarrtas bho Achd Saorsa an Fhiosrachaidh cuideachd gu robh duilgeadas ann le cuid de thogalaichean NHS nan Eilean Siar, agus gu robh dragh gu sònraichte mu thaigh dotair ann am Barraigh.