Misneachd mu chumhachd ath-nuadhachail

  • 5 An t-Iuchar 2017
Tuath gaoithe

Ghabh Comhairle nan Eilean Siar misneachd à deasbad air cumhachd ath-nuadhachail nan Eilean a bh'aig Westminster an-dè.

Às dèidh mar a gheall na Tòraidhean sa mhanifesto aca taic sònraichte thoirt do sgeamaichean gaoithe ann an sgìrean eileanach, thuirt Ministear na Cumhachd, Richard Harrington, gun robhas taiceil dhan leithid fhathast, agus gum biodh co-dhùnadh ann bhuaithe gu sgiobalta mun taic a gheibheadh sgeamaichean eileanach.

Cha robh fiosrachadh mionaideach ann mun taic a dh'fhaodadh a bhiodh ann.

"Tha mi an dòchas gun toir an fhreagairt san ùine ghoirid a tha air a bhith agam beagan mhisneachd do bhuill pàrlamaid agus do dhaoine sna roinnean pàrlamaid a tha sinn a' riochdachadh gu bheil an riaghaltas a' dol a chur taic ri a bhith a' leasachadh prìoseactan cumhachd na gaoithe ann an eileanan iomallach na h-Alba far am faigh na coimhearsnachdan ionadail buannachd," thuirt e ann an Taigh nan Comantan.

Co-obrachadh

Às dèidh làimh, dh' iarr Cathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall Crichton, gum biodh gach pàrtaidh aig ìre nàiseanta agus ionadail ag obair còmhla air a' chuspair.

"Tha e gu math cudtromach gum bi aonachd ann eadar na pàrtaidhean poileataigeach, ach gu sònraichte am measg nan eilean agus tha sin air a bhith air a dhearbhadh bho chionn bliadhnaichean a-nis gu bheil Sealtainn agus na h-Eileanan Siar ag obair còmhla ri chèile agus gu bheil iad ag obair còmhla ri chèile airson maith a chèile 's nach caill duine a-mach a thaobh an ath-leasachaidh seo agus gum bi a' phoit mòr gu leòr airson ath-leasachadh sna h-eileanan gu lèir.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air a bhith a' strì fad bhliadhnaichean airson càbal mara ùr eadar na h-eileanan agus tìr mòr agus tha Mgr Crichton dhen bheachd gu bheil barrachd tuigse aig an riaghaltas a-nis air cho deatamach sa tha sin ri linn obair-coiteachaidh na comhairle.

Thuirt e gun robh e an dòchas toradh na h-obrach sin fhaicinn ann an ùine nach bi fada.

Tuilleadh air an sgeulachd seo